Buaidh a' ghartain

dithis
Gartanan (gnè Ixodes ricinus) - inbhich.
Làmh chlì - tè bhoireann; làmh dheas, fear fireann

(air am meudachadh mu fhichead uiread)

Tha na milleanan thar milleanan aca a' fuireach ann am preaslach an Eilein, a' chuid as motha air a' mhòintich. ('S fheàrr leotha talamh monaidh na feurach, air sgàth 's gum faigh iad àrainneachd de lusan fliucha maireannach - leithid còinnich). 'S e cleachdadh a bh' aca bho shean san Eilean a bhith a' losgadh an fhraoich tràth as t-earrach, agus bhathar an dùil gun robh seo a' cur às dhan a' ghartan. Ach tha bheataichean an latha an-diugh dhen bheachd nach eil sin fìor; chan eil iad beò anns an fhraoch fhèin ach ann an riasg is badan còinnich gu math dlùth, far am faigh iad dìon bhon teine.
Tha iad cudromach air sgàth 's gu bheil iad a' sgapadh ghalaran, 's iad a' giùlan iomadh meanbh-bheathaich nach eil a' dèanamh cròn orrasan, ach a tha cunnartach do bheathaichean eile.

An cuid beatha ...

Tha iad iongantach fad-shaoghalach, 's iad beò suas ri trì bliadhna. Sa chiad bhliadhna, tha iad ann an riochd larbhaidh (no nymphs mar a chanas eòlaichean) dhen a' chiad ìre; ithidh iad air beathach a thig an rathad, tuitidh iad far a' bheathaich, thig cruth-atharrachadh orra agus an uair sin thèid iad nan cadal. San darna bliadhna, tha iad nan larbhaidh dhen darna ìre, agus tachraidh an rud ceudna. Nuair a dhùisgeas iad bho chadal a' gheamhraidh san treas bhliadhna, tha iad nan inbhich. Tha an aon coltas air na larbhaidh 's a tha air na h-inbhich, ach gu bheil iad nas lugha. Tha iad feumach air fuil bho bheathach blàth-fhuileach gus an cinnich iad dhan ath ìre. An uair sin, fanaidh iad beò tron gheamhradh ann an cadal a' gheamhraidh. Dùisgidh iad as t-earrach; 's ann an uair sin a nochdas iad air beathaichean a-rithist. A thaobh nan inbheach, 's iad an fheadhainn bhoireann a-mhàin a tha feumach air fuil ithe.

Nuair a dhùisgeas iad as t-earrach agus a tha iad feumach air am biadhadh fhèin, dìridh iad suas bileag feòir agus sìnidh iad a-mach na casan-toisich aca - 's e 'sireadh' a chanas iad ri seo. Tha iad a' feitheamh ri grèim fhaighinn air mart, no caora, no fiadh, no cearc-fraoich - no neach!

sireadh
Dèan gliog air an dealbh beag agus
chì thu gartan (inbheach, boireann) a tha ri 'sireadh'

Tha mìltean thar mhìltean aca buailteach nochdadh aig an aon àm as t-earrach, as dèidh cadal a' gheamhraidh; tha buaidh aig fad-latha agus sìde air seo. 'S e "an togail earraich" a chanas iad ris an lìonmhorachd seo, agus dh'fhaodadh e tachairt gu math tràth sa bhliadhna. Ann an 2004, bha iad a-mach aig co-dhiù 10mh am Màrt.
Nuair a tha cùisean freagarrach dhaibh (agus tha gu math tric san Eilean, gheibhear "togail" eile a bhith ann as t-foghair.

Nuair a thèid an gartan air beathach, stiogidh iad an ceann a-steach fo chraiceann a' bheathaich agus ithe iad measgachadh de dh'fhuil agus leann a' chuirp. Às dèidh mu sheachdain a dh'ithe, seo an coltas gu tur eadar-dhealaichte a th' air inbheach boireann:

air at
Làn a broinn!
Gartan (inbheach) às dèidh
dhith ithe, agus a bodhaig air at

Tha i às dèidh tuiteam far a' bheathaich. Cuiridh i a cuid uighean air an talamh, agus an uair sin bàsaichidh i. Tha an cearcall coilionta.

Chan urrainn dhan a' ghartan greimicheadh air barrachd air aon bheathach sa bhliadhna.
Mar sin, nuair a chithear iad air cù, mar eisimpleir, cha sgaoil iad ort-sa no air beathach eile!


Galaran air an sgapadh leis a' ghartan - caoraich

1) a' chrith


2) Fiabhras a' ghartain

'S e Cytoecetes phagocytophila a tha ag adhbhrachadh seo - seòrsa bacteria fa leth dhen dream ris an canar rickettsiae. Thèid a ghiùlan leis a' ghartan (thathar a' smaoineachadh gu bheil e am broinn a h-uile gartan), agus thèid e a-steach do chaora nuair a tha an gartan ga bhiadhadh fhèin. A-mach air beagan fiabhrais, cha dèan e mòran cròin air a' bheathaich leis fhèin - ged a dh'fhaodadh e a bhith na adhbhar-tilgeil ann an caoraich aig nach eil dìon. Feumar an aire a thoirt air a' phuing seo nuair a thathar a' toirt a-staigh stòc ùr bho ceann eile na dùthcha. Tha e cudromach ann an uain òga cuideachd air sgàth 's nach eil dìon na aghaidh a' tighinn thuca anns a' chiad-bhainne, mar sin tha iad buailteach dhan fhiabhras bho latha am breith, nuair a ghreimicheas an gartan orra (rud a thachras sa bhad san Eilean). Mar as tric chan fhaicear ach beagan fiabhrais is laigse neo-mhaireannach air an uan - ach tha fios gum faodadh sin bàs an uain adhbharachadh ma sguireas iad a dheoghail, no ma tha droch shìde ann.
Ach ma dh'fhanas uain beò às a dhèidh tha iad làn dìon agus cha bhuail e orra gu bràth tuilleadh.
Ach an rud as cudromaiche mu dheidhinn fiabhras a' ghartain, 's e 's gu bheil e a' leagail dìon nan uan gus am bi iad buailteach do ghalaran eile leithid an ath fhear:


3) Tick pyaemia

Tha seo uabhasach cumanta air monaidhean an Eilein Sgitheanaich, air sgàth pailteas de ghartanan. 'S e bacteria cumanta dhen gnè Corynebacterium pyogenes a tha ga adhbhrachadh, a gheibh a-steach dhan bheathach tro bhìd a' ghartain. (Thathar a' smaoineachadh gu bheil fiabhras a' ghartain ga chuideachadh le bhith a' leagail dìon).
Tha an gnè bacteria seo ag adhbhrachadh tòrr neasgaidean air feadh nan uan bochda, a dh'fhaodadh ceann a thogail anns cha mhòr a h-uile àite sa chorp agus a tha fìor dhoirbh a leigheas le antibiotics. Mar eisempleir, gu tric tha an galar a' nochdadh sna h-uilt, agus thèid an uan na chrioplach. Cuideachd, gu ro-thric, tha neasgaid a' togail ceann ann an cnàimh an droma ri taobh còrd an droma, agus seo mar a thachras:

pair
Uan air a bhualadh leis an dà chuid
fiabhras a' ghartain agus tick pyaemia
.
Tha pairilis air a cheathramhan-deiridh air sgàth
neasgaid ri taobh còrd an droma, agus cha ghabh a leigheas.

pus
Neasgaid ann an cnàimh an droma
- seo an coltas a bhiodh air cnàimh-droma an uain san dealbh os àrd.

Leigheasan is cuingidhean-bacaidh ...

Tha corra leigheas rim faighinn an-diugh:


- an fheadhainn "spot air a' cheann";
- na pyrethroids ùra a tha gam frasadh no gan doirteadh air druim a' bheathaich;
- na diobaichean (an dà chuid pyrethroid is organophosphate).

San Eilean Sgitheanach, tha sùil aig croitearan is tuathanaich ris a' ghartan as t-earrach, goirid às dèidh àm breith nan uan. Air an adhbhar sin, tha iad buailteach leigheas "spot air a' cheann" a chleachdadh air an dà chuid caoraich is uain aig àm a' chomharrachaidh. Tha seo èifeachdach agus nas fhasa nuair a tha na h-uain glè og. A thaobh "togail an t-fhoghair", cuiridh "pour-ons" an aghaidh chnuimheagan, no diobadh an aghaidh claimh, às dhan fheadhainn seo.


Galaran air an sgapadh leis a' ghartan - crodh

1) Am mùn dearg


2) A' chrith

Dh'fhaodadh seo bualadh air crodh cho math ri caoraich. Anns a' chumantas, bidh crodh a' tighinn am feabhas às dèidh beagan làithean, ach dh'fhaodadh e a bhith gu math trom orra a dh'aindeoin sin.


3) Fiabhras a' ghartain

Tha an galar seo a' bualadh air crodh cho math ri caoraich. Coltach ris an t-suidheachadh ann an caoraich, tha ìre an dìon aca cudromach.
Sa chumantas, tha fiabhras a' ghartain a' bualadh air inbhich ann an crodh. Dh'fhaodadh e droch bhuaidh a dhèanamh air an t-sìolmhorachd aca - an dà chuid bò agus tarbh. 'S e Cytoecetes phagocytophila a tha ga adhbhrachadh ann an dà chuid crodh is caoraich.

tbf
Cytoecetes phagocytophila ann am fuil mairt
Chithear aon ceall-fala geal am measg iomadh ceall-fala dearg. Tha nucleus na cealla ann an ceithir roinntean purpaidh - tha seo gnàthach. Ach
suidhichte eadarra chithear blòigh bheag ghorm - 's e Cytoecetes a tha seo. (Tha an dearbh coltas air fuil chaorach air a bheil fiabhras a' ghartain).


Cunnart do chinne-daonna ... agus coin is cait!

Togaidh daoine an gartan gu math furasda le bhith a' coiseachd air a' mhonadh.

neach
Gartan le a cheann a-staigh fo chraiceann neach

Cha dèan bìd a' ghartain cròn leis fhèin, ach a-rithist tha cuid aca a' giùlan bacteria dhen gnè Borrelia burgdorferi a tha ag adhbhrachadh a' ghalair Lyme.
Dh'fhaodadh an galar seo a bhith gu math trom air cinne-daonna, coltach ri fìor dhroch influenza nach tig gu crìche. Ach tha leigheas ann.

Tha coin is cait cuideachd buailteach dhan ghalar Lyme; mar as trice gheibh iadsan fiabhras maireannach, agus altghalar. Tha coin a-rithist buailteach dhan a' chrith, ma thogas iad an t-uabhas de ghartanan.