Tha a' chlòimh buailteach thighinn far a' bheathaich ann an cnapan sgreabach (faic làmh chlì)
Dh'fhaodadh droch chùis de ghneaghar a bhith gu math coltach ris a' chlaimh. Tha e cudromach diagnosis cinnteach agus luath a bhith agad, oir tha leigheasan eadar-dhealaichte aig gach galar, agus tha a' chlaimh gu math gu math trom orra. An rud a tha ga dhèanamh gu ìre mhath furasta - chan eil na caoraich cho tachasach fo bhuaidh gneaghair agus a tha iad fo bhuaidh a' chlaimh. Faodar diagnosis cinnteach a ruigsinn gu sìmplidh le bhith a' coimhead air na sgreaban fon microscope. Chì thu Dermatophilus ann an sreathan co-shìnte (faic os àrd), no chì thu a' chlaimh-bhiast fhèin (chithear e leis an t-sùil a-mhàin co-dhiù).
Tha cuid a' smaoineachadh gu bheil gneaghar a' fantainn beò mu chluasan a' bheathaich nuair a tha an t-sìde tioram,
nuair nach eil e a' bualadh air a' chlòimhe:
Milleadh cha mhòr do-fhaicsinneach mun chluas.
Chan fhaicear ach na guireannan beaga biodach seo. Ach
nuair a thig
sìde fhliuch, sgapaidh Dermatophilus a-mach sìos mu dhruim a' bheathaich.