Tha an galar oillteil a tha seo caran coltach ris an Tuaicheall. Ach an rud nas miosa
buileach ma dheidhinn, 's e gu bheil e a' bualadh air cinne-daonna cho math ri air caoraich.
A-rithist, tha an galar an urra ri coin - coin-chaorach gu seachd àraid - agus gnè shònraichte de bhiast nan con - Echinococcus granulosus - a tha a' tighinn beò ann am mionach chon. Tha iad gu math beag an coimeas ri seòrsaichean eile de bhiast nan con, mar a chithear:
Thig uighean na bèiste seo a-mach sa bhuachar nam milleanan, agus thèid iad air an fheurach far an tèid an ithe le caoraich 's iad ag ionaltradh. Guiridh ìrean meadhanach - no larbhaidh - na bèiste am broinn nan caorach, agus sgaoilidh iad a-mach gus an ruig iad buill-chuirp a tha freagarrach - an grùthan gu h-àraidh, agus an sgamhan. Air dhaibh an grùthan a ruigheachd, thèid iad nan cysts (faic dealbh os ìosal). Tha na 'Hydatid' cysts a tha seo a' fàs nas motha mean air mhean, fad beatha a' bheathaich - ach chan eil iad a' dèanamh cròn sa chumantas. Aig a' cheann thall, tuitidh am beathach marbh airson adhbhar eile, agus mura thèid an closach a thiodhlacadh gu curamach thèid a h-ithe le coin cuide ris na cysts. Thèid na h-ìrean meadhanach seo nan inbhich ann am mionach a' choin, agus tòisichidh an cearcall a-rithist. Thoiribh fa-near nach eil inbhich de bhiast nan con a' dèanamh milleadh air a' chù fhèin idir.
Am milleadh a tha hydatidosis a' dèanamh air
grùthan chaorach.
Chan eil am milleadh seo a' bualadh gu trom air caoraich, air sgàth 's nach eil iad beò fada gu leòr - cha ruig na cysts meadachd a tha cunnartach.
'S e sgeul eadar-dhealaichte ann an cinne-daonna, aig a bheil beatha gu math fada. Ma ghabhas neach a-steach na h-uighean le tubaist (faic os ìosal), cinnichidh iad na bhroinn/na broinn agus ruigidh na h-ìrean meadhanach meadachd a tha gu h-annasach mòr - dh'fhaodadh sin a bhith sa ghrùthan, san sgamhan, no uaireannan ball-cuirp eile. Chan eil leigheas ann air a shon ach obair-lannsa mhòr mhòr - uaireanan tha seo a dhìth uair 's a-rithist air sgàth 's gu bheil e duilich am milleadh gu lèir a thoirt air falbh - fàsaidh e a-rithist bhon fhuigheall.
Bidh cuid de na h-uighean aig E. granulosus a' fuireach air tòn a' choin an àite a bhith a' tighinn a-mach sa bhuachar, agus sgaoilidh iad ann am bian a' choin. Ma tha neach sam bith an uair sin a' làimhseachadh cù, tha na h-uighean sin a' leantail ri làmhan an neach (thoiribh fa-near gu bheil iad fada ro bheag airson am faicinn). Ma tha làmhan an neach an uair sin a' beantainn ri bheul/beul, tha e/i buailteach na h-uighean a shlugadh.
Tha e cho cudromach 's a ghabhas gun glan a h-uile duine a làmhan às dèidh dha/dhi a bhith a' làimhseachadh cù.
Rud eile - tha e cudromach gum faigh a h-uile cù-chaorach dòs a bhios a' cur às do bhiast nan con, co-dhiù a h-uile 6-8 seachdainean.
Feumar a h-uile oidhirp a dhèanamh gus coin a chumail air falbh bho chlosaich chaorach, agus an closach a thiodhlacadh cho luath 's a ghabhas.