Orf ... galar-craicinn chaorach a tha ag adhbharachadh tòrr fulaing.
Seo (làmh chlì) an nì a tha ga adhbharachadh - bhioras beag bìodach nach fhaicear às aonais microscope a tha cho cumhachdach
's a ghabhas. Tha am bhioras air feadh an àite san àrainneachd agus gheibh i a-steach gu craiceann a' bheathaich le lot
beag - mar as tric mun bhus aca. An uair sin, tha e ag iomadachadh gu math luath agus a' milleadh ceallan a' chraicinn aig an aon àm.
A chionn 's gur e bhioras a tha ga adhbharachadh, chan eil na h-antibiotics a' cur às dha idir.
Tha an galar seo gu math cumanta ann an Crìochan na h-Alba, agus ged nach eil a cho buileach pailt san Eilean
Sgitheanach, tha e ann.
'S e uain as motha a bhios a' fulang leis.
'S e cùis-ghràin a th' ann uile gu lèir.
ùth chaorach
Dèan gliog air an dealbh seo (làmh dheas) agus chì thu gu bheil milleadh air craiceann an ùtha a tha seo. 'S e as coireach airson seo gun
robh uan, air a bheil orf, a' feuchainn ri deoghail às sinean a mhàthar, agus tha an galar air sgaoileadh dhith. Nuair a
thachras seo, tha am milleadh cho pianail 's nach leigeadh a' chaora le h-uain deoghail, agus bàsaichidh an uan mura faic an
cìobaire e.
Tha gràin aig cìobairean dhan ghalar a tha seo.
Tha daoine a bhios a' laimhseachadh chaorach buailteach orf fhaighinn cuideachd (faic os ìosal).
Tha am bhioras cuideachd an sàs ann an rud ris an canar strawberry footrot, seòrsa de lobhadh nan cas a bhios a' bualadh air uain òga, a tha air a shònrachadh leis an t-uabhas de dh'ainfheòil a bhios a' tighinn air a' mhilleadh.