Bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, colaiste a bhuineas
do
Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna, nuair a thòisich mi air an làrach seo.
Tha mi nam bheat o chionn còrr is fichead bliadhna.
Tha an làrach seo na thoradh air obair-fhorfhais a rinn mi air an darna bhliadhna dhen chùrsa cheum.
'S ann bho
bheul-aithris a thàinig a' mhòrchuid dhen fhiosrachadh; bho bhruidhinn ri croitearan
agus, gu seachd àraid, ri
Dòmhnall Iain MacIllinnein MRCVS, MBE, a bha na bheat sa sgìre seo fad iomadh bliadhna.
Rannsaich mi seann
leabhraichean cuideachd.
Tha mi fada an comain nan daoine còire uile a bha cho deònach bruidhinn rium.
'S e sgìre croitearachd a th' anns an Eilean Sgitheanach.
Barrachd
fiosrachadh mu chroitearachd
- (tha an làrach-se sa Bheurla air a' chuid as motha).
Gheibhear faclair beag Gàidhlig gu Beurla, agus fear Beurla gu Gàidhlig cuideachd, le bhith a' bruthadh:
faclair
Faighibh fiosrachadh a' bharrachd air bheataireachd san fharsaingeachd:
aig: Colaiste
Rìoghail nan Lighichean-Sprèidh (làrach Beurla)
no aig: Comann Lighichean-Sprèidh Bhreatainn (làrach Beurla)
Talamh "leasaichte" agus talamh monaidh (nas fhaide bhuainn)
Thig duilgheadasan mòra an cois an t-seòrsa talmhainn seo;
faic gu sònraichte an
glupad, an gartan agus
galar nan cluas.
Barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn crodh Gàidhealaich (làrach Beurla).
Nach cuir sibh ur beachdan thugam!
Seo an seòladh:
Chan e teacsa bheataireachd a tha seo! Chan e ach beagan fiosrachaidh, aig ìre gu math
simplidh, air
cuid de na galaran a tha a' togail ceann san Eilean,
dhaibhsan a tha a' cur suim
sa' Ghàidhlig, san Eilean Sgitheanach agus an gabhail cùram do bheathaichean.
Cuimhnich gu bheil e mi-laghail leigheas a thoirt do bheathaichean càich mura h-eil thu nad bheat!