Sèideadh

'S e "sèideadh" a chanas iad nuair a tha rian-cnàmhaidh beathaich, am maodal gu h-àraidh, air at gu h-uabhasach fhèin mòr, no "bloat" mar a chanas iad sa Bheurla Ghallta. Their iad "shèid i shuas" mu mhart air an robh an sèideadh.
Is iomadh adhbhar a th' ann air a shon, cuid aca neo-aithnichte fhathast, agus gu dearbh fhèin dh'fhaodadh e a bhith na fhìor cùis-èiginneach. Am broinn a' mhaodail, tha brachadh a' sìor dhol air adhart air an fheur a chaidh ithe, agus tha an t-uabhas de ghas a' togail suas. Mura h-eil am beathach comasach air a' ghas seo a bhruchdadh, ataidh an rian-cnàmhaidh gu math luath agus tha am beathach ann am fìor dhroch staid. Air sgàth at a' mhaodail, tha iad a' faighinn tàire le bhith a' tarraing anail, agus chan urrainn dhan cridhe am fuil a chuairteachadh mu timcheall a' chuirp.

sèid
Laogh air sèideadh
Tha an laogh seo air sèideadh air sgàth 's gu bheil a mhaodal làn gas; tha e coltach gum b' e cus carbohydrates na chuid bhiathadh a bu choireach.

Cuid dhe na h-adhbharan eile air a shon ...

1. Far a bheil bacadh san t-slugadh a' cur caisg air bruchdadh - m.e. cnapan snèip.
2. Far a bheil cop a' togail 's a' togail sa mhaodal, air sgàth gun do dh'ith a' bhò cus seamraig, mar eisimpleir.
3. Far an deach am beathach na shìneadh air sgàth tinneis - tha seo cuideachd a' cur caisg air bruchdadh.
4. Gu tric nuair a tha caora a' feuchainn ri druim a thachas, thèid a glacadh air a druim ann an sloc beag san talamh - gu seachd àraidh ma tha i ann an uan.
5. Far a bheil toinneamh no torsion ann an caolan a' bheathaich.

Dèiligeadh ris ...

'S e fìor cùisean-èiginneach a th' anns a' mhòrchuid.
Nuair a tha an t-uabhas de ghaoth sa mhaodal, feumar a leigeil ma sgaoil le bhith a' cleachdadh pìoba-stamaig no feadan-sìolaidh. Ann a bhith a' cleachdadh feadan-sìolaidh, feumar a bhith cinnteach nach e cop a tha a' togail sa mhaodal, oir cha tig seo a-mach glan; tha e buailteach a bhith a' sgapadh am broinn a' bheathaich. Nuair a thathas an dùil gur e cop a tha a' lìonadh a' mhaodail, tha e nas fheàrr a bhith a' dòsadh a' bheathaich le rudeigin a bheir air falbh e - leithid ola linseed no fiu 's cnapan margarine.
Thig cuid a chùisean - an fheadhainn lugha a bhios a' toirt buaidh air a' bheathaich - am feabhas le atharrachadh-bidhe a-mhàin.

Bha deagh fhios aig na seann Ghàidheil gun robh an cuid cruidh buailteach do dh'iomadh seòrsa lochd a bha a' buntainn rin rian-cnàmhaidh, eadar a' mheirbhean aig a' chàr as sìmplidh, rud air an robh "an tairbhean" (tairbhein), agus sèideadh. Nuair a sguireadh bò a chnàmh a cìre, 's dòcha às dèidh dhith cus bidhe dhen t-seòrsa ceàrr ithe, bha iomadh 'eòlas' aca, leithid:

Eòlas chnàmh chìr :

Ma dh'ith thu feur nan naodh beann,
Nan naodh meall, nan naodh toman,
Ma dh'òl thu sian nan naodh steallt,
Nan naodh allt, nan naodh lochan,
A "Bhòineag" thruaigh na maodail cruaidh,
Cnàmh, a luaidh, do chìr.
A "Bhòineag" thruaigh na maodail cruaidh,
Cnàmh, a luaidh, do chìr.

- "Carmina Gadelica", 190