Dh'fhaodadh spùt a bhith uabhasach trom air beathaichean òga. San Eilean Sgitheanach, 's ann air laoigh as motha a bhios e a' bualadh. 'S e 'spùt geal' a chanas iad ris, air sgàth 's gu bheil beagan de dhath a' bhainne air. ('S e laoigh òga, a tha fhathast a' deoghail no ag òl bainne, air a bheil an galar a' bualadh).
Dh'fhaodadh an spùt bualadh air uain òga cuideachd air sgàth boiteagan; ged nach eil sin uabhasach cumanta san Eilean an dràsta, bha D.I.M. an dùil gum faicear barrachd dheth ri linn barrachd chaorach air an cumail sna pàircean feurach.
'S iomadh adhbhar a th' ann air a shon ann an crodh. A thaobh viruses, 's iad Coronavirus agus Rotavirus as cumanta. A thaobh bacteria, 's iad seòrsaichean de E. coli agus Salmonella. A thaobh protozoa, 's iad iomadh gnè de cryptosporidia agus coccidia.
Gu math tric 's e laoigh gu math òg a tha ga fhaighinn - uaireannan taobh a-staigh ciad làithean am beatha. Sguiridh iad a dheoghail no òl (no ithe ma tha iad aosda gu leòr), thig sgàird orra, agus caillidh iad an lùths gu math tric air sgàth tiormachadh-cuirp. Thèid iad seachad agus gu ro-thric bàsaichidh iad.
Cannula a-steach do chuisle mhòr na h-amhaich.
Tha trì gramannan ga chumail san àite cheart.
- sròn air tiormachadh;
- sìoladh dhen t-sùil a-steach dhan lag aice;
- craiceann a tha a' seasamh leis fhèin nuair a thogar e;
- am beathach lag no na shìneadh, le dìth-fala do phàirtean iomallach a' chuirp, tha sin ri ràdh
casan, bus, sròn
is cluasan uile fuar agus plamach; agus buille-chuisle a tha an dà chuid na deann, agus lag no
do-fhaireachdainn.
Ma thig na comharraidhean seo mu dheireadh, tha an laogh ann an droch staid dha-rìribh.
laogh a'
faighinn cobhair le fuasglaidhean sàil
a tha a' dol
a-steach dhan chuisle mhòr na amhaich.
Tha e a' sìor thighinn am feabhas.
Tha an t-uabhas de dh'fhuasgladh a dhìth air laoigh san t-suidheachadh seo. 'S e teoba airson ospadal bheataireachd a th' ann dha-rìribh.
Tha drogaichean antibiotic a dhìth orra cuideachd, ach chan eil iad ceart cho cudromach 's a tha na fuasglaidhean sàil. Ann an cùisean far as Salmonella a bu choireach, 's dòcha gu bheil e nas fheàrr a bhith a' seachdnadh nan antibiotics co-dhiù, oir le bhith gam marbhadh tha na drogaichean seo a' toirt air na bacteria seo na toxins aca a dhòirteadh a-mach do dh'fhuil a' bheathaich.