Ma nithear gliog air an dealbh beag a tha seo, chithear gu bheil na ceathramhan-deiridh dhen ùth seo air dath nas dubh-dheirge nan còrr, gu bheil iad air at, agus gu bheil silteach fhuilteach air sileadh a-mach bho na sinean gu na casan-deiridh. Seo teasach an ùtha. 'S e an ruadh facal eile air ('ruaidh' ann an cuid a dh'àiteachan). Agus cluinnear an abairt "ùth cloiche" cuideachd a thaobh chaorach. Canaidh iad sin aig toiseach teasach an ùtha, nuair a tha an ùth air at, teth agus cruaidh.
Tha diofar sheòrsaichean ann de theasach an ùtha. 'S iad an dà sheòrsa as truime teasach an t-samhraidh agus loit nathairidh. Dh'fhaodadh iadsan beathach a marbh. Tha an dà chuid aca gu math dian ('s e 'dian' a chanas iad nuair a thig tinneas trom air beathach no duine gu math aithghearr, an coimeas ri 'leantainneach' a tha a' ciallachadh 'thig e gu slaodach agus togaidh e suas gu slaodach').
Teasach an t-samhraidh - thig seo gu grad. Tha e a' bualadh air crodh as t-samhradh, nuair a tha cuileagan timcheall ('s e cuileagan a tha ga sgaoileadh).
Loit nathairidh - air a' Ghàidhealtachd, bha seo a-riamh air a chur sìos gur e lot nathair a bu choireach. 'S e caoraich air a bheil an seòrsa seo a' bualadh, as t-samhradh a-rithist. An-diugh, tha fios againn gur e grìd dhen ghnè Staphylococcus a tha ga adhbharachadh.
Bha eagal mòr mòr air na seann Gàidheil ro theasach an ùtha, air sgàth 's gun robh iad cho mòr an urra ri bainne agus bliochd airson tighinn beò. Mar siud, bha iomadh eòlas aca airson gach galar (agus an droch shùil) a chumail air falbh -
Eòlas na Ruaidh
A ruadh eugail, aogail, atail
Fàg ùth na bà caisne
Fàg ùth na bà cait-cinn
Fàg, fàg a' phait sin,
Agus tàrr pait eile ort.
A ruadh rag, rudaidh,
Dur an ùth a' mhairt,
Fàg an t-at 's an t-ùtha
Teich gu grunn na cloiche.
Cuirim ruadh ri clach,
Cuirim clach ri làr,
Cuirim bainne an ùth,
Cuirim sùgh an àr'.
- Carmina Gadelica 124