Tha a' chaora dhubhcheannaich seo (faic òs àrd) air fear dhe na h-uain aice a thilgeil. Dh'fhaodadh iomadach rud a bhith na màthair-adhbhair airson seo. (Tha uan slàn fallain aice cuideachd, agus ise ga imlich gus cuidhteas fhaighinn dhe na h-uisgeachan-breith). Tha an t-uan a chaidh a thilgeil air an làimh chlì, fhathast ann an streafon no sac-breith. Tha e marbh agus chan eil a' chaora a' toirt feart dha. 'S e call mòr a th' ann an tilgeil, san dà chuid crodh is caoraich.
'S e protozoon a th' ann an Toxoplasma gondii - 's e siud, meanbh-bheathach air aon cheall a dh'fheumas
tighinn beò air taobh a-staigh bheathaichean eile.
Tha cait deatamach ann a bhith a' sgaoileadh toxoplasmosis do chaoraich. Uaireannan tha am
buachar aca làn uighean - oocysts - agus tha iad buailteach a bhith ga fhàgail san t-sabhal air stòras bidhe nan
caorach (gheibh na cait e le bhith ag ithe luchagan is rodain). Mura h-eil dìon aig a' chaora, nuair a dh'itheas i am biadh truaillte gheibh i comharraidhean a' ghalair.
Tha buaidh toxoplasmosis an urra ri dè an ìre dhen torrachas aig a bheil a' chaora aig an àm. Suas gu 70 latha dhen torrachas, chan eil dìon aig a' ghinean; gheibh e bàs agus thèid a shùghadh. Às dèidh 70 latha, 's dòcha gum mair an ginean beò, agus gun caisg e an galar. Ach an uair sin suidhichidh T. gondii e-fhèin san iar-bhreith, far nach eil buaidh aig dìon an uain no dìon na màthar air, agus thig am milleadh mar a chithear os-làimh. Tha seo a' leantainn gu uain mharbh-bhreith a th' air an tilgeil tràth, no uain a tha beò ach gu math beag, 's dòcha le milleadh-eanchainn.
Iar-bhreith, no glanadh, air a milleadh le T. gondii
Chithear am milleadh a dh'adhbhraich am meanbh-bheathach - na spotannan geala air na putannan, no placentomes.
Iar-bhreith, no glanadh, air a milleadh le Chlamydia psittaci
Chithear gu bheil am milleadh a' bualadh eadar na putannan, an coimeas ri toxoplasmosis.
- tha iad uile comasach air seòrsa gabhaltach de thilgeil adhbharachadh.
- Ma gheibh boireannach trom toxoplasmosis, dh'fhaodadh a leanaibh a bhith air a droch mhilleadh. Ma gheibh duine sam
bith aig nach eil deagh dhìon e, buailidh e orra cho trom 's gum bi am beatha ann an cunnart.
- Tha Chlamydia psittaci buailteach torrachas anabaich a thoirt air boireannach.
- Tha cunnart ann bho Salmonella agus Listeria cuideachd.
- Rud eile; tha caoraich gu tric a' giùlan rud air a bheil 'fiabhras Q', nach eil a' bualadh orrasan ach gu math ainneamh.
Ach tha am meanbh-bheathach - Coxiella burnetti - a' doirteadh a-mach san iar-bhreith aig àm breith, agus faodaidh
e tinneas dìon trom adhbharachadh ann an cinne-daonna.
A-rithist, tha Chlamydia agus Listeria cudromach, cho math ri iomadh gnè eile de mheanbh-bheathach.
Tha eòlaichean dhen bheachd gur iad factaran nach eil gabhaltach as mò a tha a' toirt orra tilgeil, leithid -
- nuair a tha leth-aoin air an gineadh;
- duilgheadasan gintealachd;
- dìth factaran beathachaidh m.e. beothamain;
- puinnseinean a' tighinn à lusan, m.e. ith-teodha, iubhar-beinne;
- truailleadh dhen bhiadh le mycotoxins m.e. ergot;
- riaslachadh le, m.e., coin gan ruith.
Brucellosis
Ach tha aon rud a tha gu sònraichte cudromach ann an crodh, air sgàth cunnart do chinne-daonna; 's e sin bacteria
dhen gnè Brucella abortus. Cho math ri toirt air crodh tilgeil, tha seo a' buntainn ri cinne-daonna far am bi e a'
bualadh air boireannaich agus ag adhbharachadh torrachas anabaich. B' abhaist dhan ghalar seo a bhith garbh cumanta ann an
boireannaich. Air sgàth in, san fhicheadamh linn dh'obraich dotairean agus lighichean-sprèidh còmhla ri cèile gus cur às
dhan ghalar, an dà chuid ann an crodh is cinne-daonna. Shoirbhich leotha gu ìre mhath, agus a-nis tha an droch sheòrsa
tilgeil seo gu math tearc. Ach tha an sgeama a' dol fhathast, agus feumar buill-sampaill bhon a h-uile bò a thilgeas a laogh
suas gu latha 271, a chur air falbh airson rannsachaidh. 'S e dleasdanas laghail a tha seo; ma thèid an galar
a dhearbhadh, chan eil leigheas ceadaichte; feumar am beathach a spadadh. 'S e
DEFRA* a tha os cionn na
sgeama seo.
Chaidh innse dhomh le D.I.M. nach fhaca e bò le Brucellosis a-riamh san eilean, ged a chunnaic e air taobh thall a' Chaoile e, air tir-mòr.
* = "Department of Environmental, Food & Rural Affairs"