SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
RANN ROMH URNUIGH [1]
Ta mi lubadh mo ghlun
An suil an Athar a chruthaich mi,
An suil an Mhic a cheannaich mi,
An suil an Spioraid a ghlanaich mi,
Le caird agus caoimh.
Tre t'Aon Unga fein a Dhe,
Tabhair duinn tachar 'n ar teinn,
Gaol De,
Gradh De,
Gair De,
Gais De,
Gras De,
Sgath De,
Is toil De,
Dheanamh air talamh nan Tre,
Mar ta ainghlich is naoimhich
A toighe air neamh.
Gach duar agus soillse,
Gach la agus oidhche,
Gach uair ann an caoimhe,
Thoir duinn do ghne.
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD