SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNAICH, A THRIATH NAM FLATH FIAL [10]
Beannaich, a Thriath nam flath fial
Mi fein's gach sion a ta na m' choir,
Beannaich mi 'n am uile ghniomh,
Dean mi tearuinte ri m' bheo,
Dean mi tearuinte ri m' bheo.
Bho gach gruagach is ban-sith,
Bho gach mi-run agus bron,
Bho gach glaistig is ban-nigh,
Gach luch-sith agus luch-feoir,
Gach luch-sith agus luch-feoir.
Bho gach fuath bhiodh feadh nam beann
Bho gach greann bhiodh teann d' am thoir,
Bho gach uruisg measg nan gleam,
Teasruig mi gu ceann mo lo,
Teasruig mi gu ceann mo lo.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD