SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHADH BUACHAILLEACHD [100]
Comraig Dhe is Dhomhnuich dhuibh,
Comraig Chriosd a chomhnuidh dhuibh,
Comraig Charmaig 's Chaluim-chille,
Comraig Chairbre, falbh's a tilleadh,
Is comraig Airighil oirghil oirbh,
Comraig Airighil oirghil oirbh.
Comraig Bhride mhuime dhuibh,
Comraig Mhoire bhuidhe dhuibh,
Iosa Criosda, Mac na sithe,
Righ nan righre, muir is tire,
Is Spioraid siochaint, suthainn, dhuibh,
Spioraid siochaint, suthainn, dhuibh.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD