SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHADH BUACHAILLEACHD [102]
Siubhal beinne, siubhal baile,
Siubhal featha fada, farsuinn,
Buachailleachd Mhic De mu'r casaibh,
Buan is reidh gun teid sibh dachaidh,
Buachailleachd Mhic De mu'r casaibh,
Buan is reidh gun teid sibh dachaidh.
Comraig Charmaig is Chaluim-chille
Bhith d'ar tearmad a falbh's a tilleadh,
Agus banachaig nam basa mine,
Bride nan or chiabh donn,
Agus banachaig nam basa mine,
Bride nan or chiabh donn.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD