SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
COMRAIG NAM BA [103]
Blaragan reidh, fada, farsuinn,
Faileagan feile fo 'r casan,
Cairdeas Mhic De dh' ar toir dhachaidh
Gu faiche nam fuaran,
Faiche nam fuaran.
Gum bu duinte duibh gach slochd,
Gum bu sumhail duibh gach cnoc,
Gum bu clumhaidh duibh gach nochd,
Am fochar nam fuar-bheann,
Fochar nam fuar-bheann.
Comraig Pheadail agus Phoil,
Comraig Sheumais agus Eoin,
Comraig Bhride mhin's Mhuir Oigh,
Dh' ar comhlach 's dh' ar cuallach,
O! comraig gach aon dh' an chomhl
Dh' ar comhnadh 's dh' ar cuanadh.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD