SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
CRONAN CUALLAICH [105]
An crodh an diugh a dol imirig,
Hill-i-ruin is o h-ug o,
Ho ro la ill o,
Hill-i-ruin is o h-ug o,
Dol a dh' itheadh feur na cille,
Hill-i-ruin is o h-ug o,
Am buachaille fein ann 'g an iomain,
Ho ro la ill o,
Hill-i-ruin is o h-ug o,
'G an cuallach, 'g an cuart, 'g an tilleadh,
Hill-i-ruin is o h-ug o,
Bride bhith-gheal bhi 'g am blighinn,
Hill-i-ruin is o h-ug o,
Muire mhin-gheal bhi 'g an glidheadh,
Hill-i-ruin is o h-ug o,
'S Iosa Criosda air chinn an slighe
Iosa Criosda air chinn an slighe.
Hill-i-ruin is o h-ug o.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD