SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHADH GUIR [106]
Eiridh mi moch maduinn Luan,
Gabhaidh mi mo rann's mo dhuan,
Theid mi deiseil le mo chuaich,
Gu nead mo chearc le beachd na buaidh.
Cuiream mo lamh thoisg ri m' chich,
Mo lamh dheas ri taic mo chridh,
Iarram gliocas graidh an Ti,
Ta pailt an agh, an al's an ni.
Duineam mo dha shuil air ball,
Mar dhallan-da ni snagan mall,
Sineam mo lamb chli a null
Gu nead mo chirc an taobh ud thall.
An ceud ugh a bheir mi m' theann,
Cuiream tuathal e air mo cheann,
* * * * *
* * * * *
Togam mo lamh thoisg an suas,
Sineam i gun chlos gu luath,
Togam an da ugh an nuas,
Bithidh an uair sin tri's a chuaich.
Sineam mo lamh dheas a ris,
Togam leath's a ghreis a tri,
Iarram riaghladh air an Righ,
Bithidh, mo riar, a sia's an linn
Lamh mo thoisg an dara h-uair,
Togam ceithir leath an nuas,
An ainm Chriosda Righ nam buadh,
Bithidh an uair sin deich's a chuaich.
An dorn deas is treasa coir,
Togam leis a dha fo m' mheoir,
Bithidh aig sgur mo ghur gun sgod,
Fo uchd na circe brice moir.
Cuiream suidhe air an da cheann,
Is mi mar bhalbhan balbh's an am,
An ainm Chruithear mhuir is bheann,
An ainm gach naoimh is ostail ann.
An ainm Thrianailt uile naoimh,
An ainm Chalum-chille chaoimh,
Cuiream iad fo chirc Di-ardaoin.
Thig an t-alach aigh Di-aoin.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD