Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



COMHARRACHADH NAN UAN [107]

Bidh mo sgian ur, geur, glan, gun mheirg,
Mo bhreacan fo m' ghlun le mo luirich dheirg,
Cuiream deiseil mo chleibh an ceud bheum gu sealbh,
An ath fhear na dheigh leis a ghrein mar ni falbh.

Uan firionn gun ghaoid, air aon dath, gun chearb,
Leig a mach ris an raon, fhuil chraobhach na tearb,
Ma mhaireas a chraobh air an fhraoch le barr dearg,
Bith mo shealbhan gun ghaoid fad's nach caochail mi 'n t-ainm.

An Triuir ta shuas an Cathair nam buadh,
Bhi buachailleachd mo threuid is mo bhuair,
'G an iomachair ri teas, ri gaillinn's ri fuachd,
Le beannachd nam buadh 'g an saodadh a nuas
Bho 'n tulaich ud shuas gu airidh.

Ainm Airil is ailne snuadh,
Ainm Ghabril fadh an Uain,
Ainm Raphail flath nam buadh,
'G an cuartach is 'g an tearnadh.

Ainm Mhuiril is Mhuire Oigh,
Ainm Pheadail agus Phoil,
Ainm Sheumais agus Eoin,
Gach aingheal's ostal air an toir,
'G an gleidheadh beo le 'n alach,
'G an gleidheadh beo le 'n alach.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD