Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



DUAN DEILBH [109]

Daorn nam buadh,
Gu deilbh's gu luadh,
Bidh ceud gu leth dual
Ri aireamh.

Snath gorm gu math caol,
Dha gheah ri a thaobh,
Agus sgarlaid ri taobh
A mhadair.

Bidh mo dheilbh gu math reidh,
Thoir do beannachd dhomh, Dhe,
Is do gach uile fo m' chleith
'S an fhardaich.

A Mhicheil, aingil nam buadh,
A Mhoire mhin-ghil tha shuas,
A Chriosd, a Bhuachaill an t-sluagh,
Dean bhur beannachd bi-bhuan
A bhairig.

Do gach neach laigheas sios,
An ainm Athar is Chriosd,
Agus Spiorad na siochaint
Ghrasmhor.

Crath a nuas oirnn mar dhriuchd,
Gliocas caon na ban chiuin,
Nach do dhibir riamh jul
An Ard Righ.

Cum air falbh gach droch shuil,
Gach uile mhuinntir droch ruin,
Coisrig cur agus dluth
Gach snathla.

Cur do ghairdean mu 'n cuairt,
Air gach te bhios ga luadh,
Agus dean a tearmad aig uair
A saruich.

Thoir domh subhailcean mor,
Mar bh' aig Muire ri a lo,
Chum's gun sealbhaich mi gloir
An Ard Righ.

Bho 'n's tus a Dhe tha toir fas,
Do gach gne agus gnaths,
Thoir dhuinn olainn thar bharr
An fheuir ghlais.

Coisrig sealbh anns gach air,
Le 'n uain bheaga bhinne bhath,
Is cuir an lionmhoireachd al
Ar treudais.

Chum 's gu 'm faigh sinn diubh cloimh,
Bainne sultmhor r'a ol,
Is nach bi gainn oirnn a chomhdach
Eirigh.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD