SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHD BEAIRTE [110]
Fuidheagan no corr do shnath
Cha do chum's cha chum mo lamh.
Gach dath a ta 's a bhogha-fhrois
Chaidh troimh mo mheoirean fo na chrois,
Geal is dubh, dearg is madar,
Uaine, ciar-ghlas, agus sgarlaid,
Gorm, is grisionn 's dath na caorach,
'S caoibean cha robh dhith air aodach.
Guidhim Bride bith na faolachd,
Guidhim Muire min na gaolachd,
Guidhim Iosa Criosd na daonnachd,
Gun mi fein dhol eug a 'n aonais,
Gun mi fein dhol eug a 'n aonais.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD