Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



SUIDHEACHADH NA H-IOMAIRT [111]

An dubh mu'n gheal,
An geal mu'n dubh,
An t-uain am meadhon an deirg,
An dearg am meadhon an duibh,

An dubh am meadhon an deirg,
An dearg am meadhon a ghil,
An geal am meadhon an uaine,
An t-uaine am meadhon a ghil.

An geal am meadhon a ghuirm,
An gorm am meadhon na sgarlaid,
* * * * *

* * * * *
An sgarlaid ris a ghorm,
An gorm ris an sgarlaid,
An sgarlaid ris an dubh,
An dubh ris an sgarlaid.

Snathla ri da shnathla
Do dha dhath,
Da shnathla dhubh,
Ri aon snathla geal.

Seachd snathla ri coig,
Coig ri tri,
Tri ri dha,
Dha ri aon,
Anns gach oir.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD