SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHADH GARMAIN [112]
Beannaich, a Thriath nam flath fial,
Mo bheirt's gach sian a ta 'n am choir,
Beannaich, mi 'n am uile ghniomh
Dean mi tiaruinte ri m' bheo.
Bho gach gruagach is ban-shith,
Bho gach miorun agus bron,
Cuidich mi, a Chuidich-Thi,
Fad's a bhios mi 'n tir nam beo.
An ainm Mhuire mhin nam feart,
Chalum-chille cheart nam buadh,
Coistrig ceithir phuist mo bheairt,
Gun am beairtich mi Di-luain.
A casachun, a slinn, 's a spal,
A h-iteachean, a snath, 's a gual,
A crann-aodaich, 's a crann-snath,
Fuidheagan is snath nan dual.
Gach aodach dubh, geal, is ban,
Grisionn, lachdunn, sgaireach, ruadh,
Thoir do bheannachd anns gach ait,
Air gach spal a theid fo dhual.
Mar sin bidh mo bheairt gun bheud,
Gu'n an eirich mi Di-luain;
Bheir Muire mhin-gheal dhomh dh'a speis,
'S cha bhi eis air nach faigh mi buaidh.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD