SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHADH SEILG [114]
Bho m' leasraidh ghineadh thu a mhic,
Seolaim thu an t-iul tha ceart,
An ainm naomh nan aon ostal deug,
An ainm Mhic De chaidh a reubadh leat.
An ainm Sheumais, Pheadail, agus Phail,
Eoin bhaistidh, is Eoin ostail tha shuas,
Lucais leigh, agus Steafain a chraidh,
Mhuiril mhin, is Mhoire mathair Uain.
An ainm Phadra naoimh nam feart,
Agus Charmaig nan ceart 's nan tuam,
Chaluim chaoimh, 's Adhamhnain nan reachd,
Fhite bhith, is Bhride bhliochd is bhuar.
An ainm Mhicheil mil nan slogh,
An ainm Airil og nan snuadh,
An ainm Uiril nan ciabhan oir,
Agus Ghabrail fadh Oigh nam buadh.
An trath a dhuineas tu do shuil,
Cha lub thu do ghlun 's cha ghluais,
Cha leon thu lach bhios air an t-snamh,
Chaoidh cha chreach thu h-alach uaip.
Eala bhan a ghlugaid bhinn,
Odhra sgaireach nan ciabh donn,
Cha ghear thu it as an druim,
Gu la-bhrath, air bharr nan tonn.
Air an ire bitheadh iad a ghnath
Mu 'n cuir thu lamhaidh ri do chluais,
Is bheir Moire mhin-gheal dhut dha gradh,
Is bheir Bride aluinn dhut dha buar.
Chan ith thu farasg no blianach,
No aon ian nach leag do lamh,
Bi-sa taingeil leis an aon-fhear,
Ge do robh a naodh air snamh.
Eala shith Bhride nan ni,
Lacha shith Mhoire na sith.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD