SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
COISRIGEADH NA SEILG [115]
An ainm na Trianailt, mar aon,
Ann am briathar, an gniomh's an smaon,
Ta mi 'g ionn mo lamha fein,
Ann an sionn 's an sian nan speur.
A dubhradh nach till mi ri m' bheo
Gun iasgach, gun ianach ni's mo,
Gun seing, gun sithim nuas a beinn,
Gun sul, gun saill, a muigh a coill.
O Mhoire mhaoth-gheal, chaomh-gheal, ghradh-gheal,
Seachainn orm s' am bradan tarra-gheal marbh air sala,
Lach le h-alach nam b'e b'aill leat,
Nead ri beul an uisge far nach traigh e.
An liath-chearc air bharr nan stuc,
Is coileach-dubh an tuchain truim,
An deigh laighe luth na greine,
Seachainn, o seachainn orm fein an eisdeachd.
O Mhoire, mhathair chubhr mo Righ,
Crun-sa mi le crun do shith,.
Cuir do bhrat rioghach oir dha m' dhion,
Is comhnuich mi le comhnadh Chriosd,
Comhnuich mi le comhnadh Chriosd.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD