SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
ORA TURAIS [116]
Bith a bhi na m' bhial,
Bladh a bhi na m' chainn,
Blath na siri na mo bhile,
Gun an rig mi nail.
An gaol thug Iosa Criosda
Bhi lionadh gach cridhe domh,
An gaol thug Iosa Criosda
Da m' lionadh air an son.
Siubhal choire, siubhal choille,
Siubhal fraoine fada, fas,
Moire mhin-gheal sior dha m' chobhair,
Am Buachaill Iosa m' dhion's a chas,
Moire mhin-gheal sior dha m' chobhair,
Am Buachaill Iosa m' dhion's a chas.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD