Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



BEANNACHADH CUAIN [118]

Thi tha chomhnadh nan ard,
Tiuirich duinn do bheannachd aigh,
Iomchair leinn air bharr an t-sal,
Iomchair sinn gu cala tamh,
Beannaich ar sgioba agus bat,
Beannaich gach acair agus ramh,
Gach stadh is tarruinn agus rac,
Ar siuil-mhora ri crainn ard
Cum a Righ nan dul 'n an ait
Run's gu 'n till sinn dachaidh slan;
Suidhidh mi fein air an stiuir,
Is e Mac De a bheir domh iuil,
Mar a thug e Chalum ciuin,
'N am dha stadh a chur ri siuil.


Mhuire, Bhride, Mhicheil, Phail,
Pheadair, Ghabriel, Eoin a ghraidh,
Doirtibh oirnn an driuchd o'n aird,
Bheireadh oirnn's a chreideamh fas,
Daingnibh sinn's a Charraig Ail,
Anns gach reachd a dhealbhas gradh,
Run 's gu 'n ruig sinn tir an aigh,
Am bi sith is seirc is baigh
Air an nochdadh duinn tre ghras;
Chaoidh chan fhaigh a chnoimh 'n ar dail,
Bithidh sinn tearuint ann gu brath,
Cha bhi sinn an geimhlibh bais,
Ge do tha sinn do shiol Adh.


La Fheill Micheil, La Fheill Mairt,
La Fheill Andrais, bann na baigh,
La Fheill Bride, la mo luaidh,
Tilg an nimhir sios an chuan,
Feuch an dean e slugadh suas;
La Fheill Paruig, la nam buadh,
Sorchair oirnn an stoirm o thuath,
Casg a fraoch, maol a gruam,
Diochd a gairge, marbh a fuachd.


La nan Tri Righrean shuas,
Ciuinich dhuinne barr nan stuadh,
La Bealltain thoir an driuchd,
La Fheill Sheathain thoir an ciuin,
La Fheill Moire mor nan cliar,
Seachainn oirnn an stoirm o 'n iar,
Gach la's oidhche, gach stoirm is fiamh,
Bi thusa leinn, a Thriath nan triath,
Bi fein duinn ad chairt-iuil,
Biodh do lamh air failm ar stiuir,
Do lamh fein, a Dhe nan dul,
Moch is anamoch mar is iul,
Moch is anamoch mar is iul.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD