Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



BEANNACHADH CUAIN [119]

Dhe, Athair uile-chumhachdaich, chaoimh,
Ios a Mhic nan deur agus na caoidh,
Le d' chomh-chomhnadh, O! a Spioraid Naoimh.

Thrithinn bhi-bheo, bhi-mhoir, bhi-bhuain,
Thug Clann Israil tri na Muir Ruaidh,
Is Ionah gu fonn a bronn miol-mhor a' chuain,

Thug Pol agus a chomhlain 's an long,
A doruinn na mara, a dolais nan tonn,
A stoirm a bha mor, a doinne bha trom.

Duair bhruchd an tuil air Muir Ghailili,
* * * * * * *

* * * * * * *
Seun agus saor agus naomhaich sinne,
Bi-sa, Righ nan dul, air ar stiuir ad shuidhe,
'S treoirich an sith sinn gu ceann-crich ar n-uidhe.

Le gaotha caona, caomha, coistre, cubhr,
Gun fhaobhadh, gun fhionnsadh, gun fhabhsadh,
Nach deanadh gniamh fabhtach dhuinn.

Iarramaid gach sian a Dhe,
A reir do rian's do bhriathra fein.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD