SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
ACHANAIDH GRAIS [12]
Ta mi lubadh mo ghlun
An suil an Athar a chruthaich mi,
An suil a Mhic a cheannaich mi,
An suil a Spioraid a ghlanaich mi,
Le gradh agus run.
Doirt a nuas oirnn a flathas
Trocair shuairce do mhathas;
Fhir tha 'n uachdar na Cathair,
Dean-sa fathamas ruinn.
Tabhair duinn, a Shlan'ear Aigh,
Eagal De, gaol De, agus gradh,
Is toil De dheanamh air talamh gach re,
Mar ni ainghlich is naoimhich air neamh;
Gach la agus oidhche thoir duinn do sheimh,
Gach la agus oidhche thoir duinn do sheimh.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD