SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
RIAGHLAIR NAN SIAN [120]
Clann Israil is Dia da 'n gabhail,
Troimh 'n Mhuir Ruaidh fhuair iad rathad,
Is ann a fhuair iad casg am pathaidh,
An creag nach d' fhaodadh le saor a shnaidheadh.
Co iad air falm mo stiuir
Deanamh falbh da m' iubhraich shoir ?
Peadail, Pal, is Eoin mo ruin,
Triuir da 'n talmaich fiu is foir.
Co 'n croil an coir mo stiuir ?
Peadail, Poil, is Eoin Baistidh,
Criosda na shuidh air mo stiuir,
Deanamh iuil da 'n ghaoith a deas.
Co da 'n criothnaich guth na gaoith ?
Co da 'n caonaich caol is cuan ?
Iosa Criosda, Triath gach naoimh,
Mac Moire, Friamh nam buadh,
Mac Moire, Friamh nam buadh.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD