SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
ACHANAIDH COMHNADH [13]
Bho is tu is Buachaill thar an treuid
Iomain fein sinn do chleidh's do chaimir,
Seun sinn fo do bhrot riomhach reidh;
A Sgeith dhidinn, dion ri 'r mairionn.
Bi-sa do chlaidheamh cruaidh, cosgarra,
Chon sinne dhion a irinn arrais,
Bho fhigeirich is bho fheadaine frinne fuara,
'S bho dheathach ruadh an aigeil.
M' anam an urrachd an Ard Righ,
Micheil murrach an comhdhail m' anama.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD