Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



EOSAI BU CHOIR A MHOLADH [14]

Bu cho fus a dh' Iosa
An crann crion uradh
'S an crann ur a chrionadh,
Nam b'e run a dheanadh.
Eosai! Eosai! Eosai!
Eosai! bu choir a mholadh.

Ni bheil lus an lar
Nach bheil lan d'a thoradh,
Ni bheil cruth an traigh
Nach bheil lan d'a shonas.
Eosai! Eosai! Eosai!
Eosai! bu choir a mholadh.

Ni bheil creubh am fairge,
Ni bheil dearg an abhuinn,
Ni bheil cail an fhailbhe,
Nach bheil dearbh d'a mhaitheas.
Eosai! Eosai! Eosai!
Eosai bu choir a mholadh.

Ni bheil ian air sgeith
Ni bheil reul an adhar,
Ni bheil sian fo'n ghrein.
Nach tog sgeul d'a mhaitheas.
Eosai ! Eosai! Eosai!
Eosai bu choir a mholadh.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD