Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



SORCHAR NAN REUL [16]

Feuch Sorchar nan reul
Air corbha nan neul,
Agus ceolradh nan speur
Ri luaidh dha.

Tighinn le caithrim a nuas
Bho an Athair tha shuas,
Clar agus farcha nan duan
Ri seirm dha.

Chriosd, a chomairc mo ruin
Com nach togainn do chliu!
Ainglich is naomhaich chiuil
Ri luaidh dhut.

A Mhic Mhoire nam buadh,
Is fire finne-ghile snuadh,
Liom bu shon a bhi an cluan
Do shaoibhreis.

A Chriosda mo chaoimhe,
A Chriosda Chro-naoimhe,
Bithim gach la agus oidhche
Ri luaidh ort.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD