Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



CROIS NAN NAOMH AGUS NAN AINGEAL [17]

Crois nan naomh agus nan aingeal liom
Bho fhrois ma aodain gu faobhar mo bhonn.

* * * * *

A Mhicheil mhil, a Mhoire ghlorach,
A Bhride mhin nan dualan orach,
Dionaibh mi's a cholunn bhronach,
Dionadh tri mi air sligh na corach.
O! tri mi air sligh na corach.

Dionaibh mi's a choich-anama bhochd,
Dionaibh mi's mi cho diblidh nochd,
Dionaibh mi air sligh gun lochd,
Dionadh tri air mo thi a nochd.
O! tri air mo thi a nochd.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD