SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
RUIN [19]
Labhram gach la a reir do cheartais
Gach la taisbim do smachd, a Dhe;
Labhram gach la a reir do reachd-sa,
Gach la is oidhche bithim toigh riut fein.
Gach la cunntam lath do throcair,
Toirim gach la dha do nosda speis;
Gach la tionnsgam fein dhut oran,
Teillim gach la do ghloir, a Dhe.
Beirim gach la gaol dhut, Iosa,
Gach oidhche nithim da reir;
Gach la's oidhche, duar is soillse,
Luaidhim do chaoibhneas dhomh, a Dhe.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD