Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



DIA LIOM A LAIGHE [2]

Dia liom a laighe
Dia liom ag eirigh,
Dia liom anns gach rath soluis,
Is gun mi rath son as aonais,
Gun aon rath as aonais.

Criosda liom a cadal,
Criosda liom a dusgadh,
Criosda liom a caithris,
Gach la agus oidhche,
Gach aon la is oidhche.

Dia liom a comhnadh
Domhnach liom a riaghladh,
Spiorad liom a treoradh,
Gu soir agus siorruidh,
Soir agus siorruidh, Amen.
Triath nan triath, Amen.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD