SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
ORA CEARTAIS [20]
Ionnlaidh mise m' aodann
'S na naodh gatha greine,
Mar a dh' ionnlaid Moire a Mac
Am bainne brac na breine.
Gaol a bhi 'na m' aodann,
Caomh a bhi 'na m' ghnuis,
Caora meala 'na mo theanga,
M' anail mar an tuis.
Is dubh am bail ud thall,
Is dubh daoine th' ann;
Is mis an' eala bhan,
Banruinn os an ceann.
Falbhaidh mi an ainme Dhe,
An riochd feidh, an riochd each,
An riochd nathrach, an riochd righ:
Is treasa liom fin na le gach neach.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD