SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
ORA CEARTAIS [21]
Dhe, tha mi liuthail m' aodainn
Anns na naodh gatha greine,
Mar a liuthail Moire a Mac,
Am bainne brac breine.
Meilc a bhi 'na m'aodann,
Maon a bhi 'na m'ghnuis,
Mire meala 'na mo theanga,
M'anail mar an tuis.
Is dubh an taigh ud thall,
Is duibhe daoine a th'ann;
Is mis an eala bhan,
Banruinn os an ceann.
Falbhaidh mi an ainme Dhia,
An riochd fiadh, an riochd each,
An riochd natbar, an riochd righ,
Is catbar mi na gach neach.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD