SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
ORA BUAIDH [22]
Ionnlaidh mi m' aodann
'S na naoi gatha greine,
Mar a dh' ionnlaid Moir a Mac,
Am bainne bragh na breine.
Mil a bhi 'na m'bheul,
Seirc a bhi 'na m'aodann;
An gaol thug Moire dha Mac
Bhi an cridhe gach cairc domhsa.
Gum bu suileach, cluasach, briathrach Dia,
Da m'riarachadh, is da m'neartachadh;
Gum bu dall, bodhar, balbh, sion sior,
Mo luchd tair is mo luchd taimhlis.
Teanga Chalum-chille 'na mo cheann,
Agall Chalum-chille 'na mo chainn;
Foisneachd Mhic bhuadhaich nan gras
Dhol thugam-sa an lathair sluaigh.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD