SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
AN LIUTHAIL [23]
Ta mi liuthail m' aodainn
An caora caon na greine,
Mar a liuthail Moire Criosd
Am bainne miamh na h-Eiphit.
Meilc bhi 'na mo bhial,
Ciall bhi 'na mo chainn,
An gaol thug Moire mhin dha Mac
Bhi an cridhe gach cairc dhomhsa.
Gradh Chriosd am chom,
Cruth Chriosd am chomhnadh,
Chan 'eil am muir no 'm fonn
Na bheir buaidh air Righ an Domhnuich.
Bas Bhride mu m' mhuineal,
Bas Mhuire mu m' bhraghad,
Bas Mhicheil dha m' liuthail,
Bas Chriosda dha m' thearnadh.
Doigh eile -
Bith a bhith 'na m' bheul,
Ceil a bhith 'na m' chainn,
Blas na sile 'na mo bhile
Gon an till mi nall.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD