Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



BEANNACHADH CADAIL [26]

Biodh do lamh dheas, a Dhe, fo mo cheann
Biodh do shoills, a Spioraid, os mo chionn,
Biodh crois nan naodh aingeal tharam sios,
Bho mhullach mo chinn gu iochdar mo bhonn,
Bho mhullach mo chinn gu iochdar mo bhonn.

O Ios gun lochd, a cheusadh gort
Fo bhinn nan olc a sgiursadh Thu,
A liuthad olc a rinn mo chorp!
Nach urr' mi nochd a chunntachadh,
Nach urr' mi nochd a chunntachadh.

A Righ na fola firinnich,
Na dibir mi a d' mhuinntireas,
Na tagair orm mo mhi-cheartan,
Is na dichuimhnich a d' chunntadh mi,
Na dichuimhnich a d' chunntadh mi.






Crois Mhoir is Mhicheil, bhi tharam ann an sith,
M' anam a bhi am firinn, gun mhi-run am chom,
M' anam a bhi an sith aig Sorchair na frithe,
Micheal crodhal an codhail m' anama,
Moch agus anmoch, la agus oidhche. Amen.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD