SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
THIGEAM AN DIUGH [27]
Thigeam an diugh 'an t-Athair
Thigeam an diugh 'an Mhac,
Thigeam 'an Spiorad neartor naomh;
Thigeam an diugh le Dia,
Thigeam an diugh le Criosd,
Thigeam le Spiorad iocshlaint chaomh.
Dia, agus Spiorad, agus Ios,
Bho mhullach mo chinn,
Gu iochdar mo bhonn;
Thigeam le mo chliu,
Falbham le mo theasd,
Thigeam thugad, Iosa-
Iosa, dean mo leasd.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD