Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



AN ACHANAIDH ANAMA [28]

O Ios, a nochd
Aghair nam bochd,
Cholann gun lochd,
Dh' fhuilinn gu gort,
Fo bhinn nan olc,
'S a cheusadh.

Saor mi bho olc,
Saor mi bho lochd,
Caomhain mo chorp,
Naomhaich mi nochd,
O Ios, a nochd,
'S na treig mi.

Bairig domh neart,
Aghair nam feart,
Stiuir mi 'na d' cheart,
Stiuir mi 'na d' neart,
O Ios, 'na d' neart
Gleidh mi.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD