SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
URNUIGH CHADAIL [29]
Ta mi cur m' anama 's mo chorp
Air do chomaraig a nochd, a Dhe,
Air do chomaraig, Iosa Criosda,
Air do chomaraig, a Spioraid na firinne reidh.
An Triuir a sheasadh mo chuis,
Is nach cuireadh an cul rium fein.
Thus, Athair, tha caomh agus ceart,
Thus, a Mhic, thug air peacadh buaidh,
Thus, a Spioraid Naoimhe nam feart,
Da mo ghleidheadh an nochd o thruaigh;
An Triuir a dheanadh mo cheart
Mo ghleidheadh an nochd's gach uair.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD