Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



ORA NAM BUADH [3]

Ionnlaime do bhasa
Ann am frasa fiona,
Ann an liu nan lasa,
Ann an seachda siona,
Ann an subh craobh,
Ann am bainne meala,
Is cuirime na naoi buaidhean glana caon,
Ann do ghruaidhean caomha geala,
Buaidh cruth,
Buaidh guth,
Buaidh rath,
Buaidh math,
Buaidh chnoc,
Buaidh bhochd,
Buaidh na rogha finne,
Buaidh na fior eireachdais,
Buaidh an deagh labhraidh.




Is dubh am bail ud thall,
Is dubh na daoine th'ann,
Is tu an eala dhonn,
Ta dol a steach 'n an ceann.
Ta an cridhe fo do chonn,
Ta an teanga fo do bhonn,
'S a chaoidh cha chan iad bonn
Facail is oil leat.

Is dubhar thu ri teas,
Is seasgar thu ri fuachd,
Is suilean thu dha'n dall,
Is crann dh' an deoraidh thruagh,
Is eilean thu air muir,
Is cuisil thu air tir,
Is fuaran thu am fasach,
Is slaint dha'n ti tha tinn.


Is tu gleus na Mnatha Sithe,
Is tu beus na Bride bithe,
Is tu creud na Moire mine,
Is tu gniomh na mnatha Grég,
Is tu sgeimh na h-Eimir aluinn,
Is tu mein na Dearshul agha,
Is tu meanm na Meabha laidir,
Is tu taladh Binne-bheul.

Is tu sonas gach ni eibhinn,
Is tu solus gath na greine,
Is tu dorus flath na feile,
Is tu corra reul an iuil,
Is tu ceum feidh nan ardu,
Is tu ceum steud nam blaru,
Is tu seimh eal an t-snamhu,
Is tu ailleagan gach run.



Cruth aluinn an Domhnuich
Ann do ghnuis ghlain,
An cruth is ailinde
Bha air talamh.

An trath is fearr's an latha duit,
An la is fearr's an t-seachdain duit,
An t-seachdain is fearr's a bhliadhna duit,
A bhliadhn is fearr an domban Mhic De duit.


Thainig Peadail's thainig Pol,
Thainig Seumas's thainig Eoin,
Thainig Muiril is Muir Oigh,
Thainig Uiril uile chorr,
Thainig Airil aill nan og,
Thainig Gabriel fadh na h-Oigh,
Thainig Raphail flath nan seod,
'S thainig Micheal mil air sloigh,
Thainig's Iosa Criosda ciuin,
Thainig's Spiorad fior an iuil,
Thainig's Righ nan righ air stiuir,
A bhaireadh duit-se graidh is ruin,
A bhaireadh duit-se graidh is ruin.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD