SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
BEANNACHD TAIMH [32]
An ainm an Tighearn Iosa
Agus Spiorad iocshlain aigh,
An ainm Athar Israil,
Sinim sios au tamh.
Ma tha musal na dusal,
Na run air bith dhomh 'n dan,
Dhia fuasgail orm is cuartaich orm,
Is fuadaich uam mo namh.
An ainm Athar priseil,
Is Spiorad iocshlain aigh,
An ainm Tighearn Iosa,
Sinim sios gu tamh.
* * * * *
Dhia, cobhair mi is cuartaich mi,
O 'n uair 's gu uair mo bhais.
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD