SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
COISRIG CADAIL [33]
Luighim sios an nochd
Le Muire min 's le Mac,
Le Micheal finn-gheal,
'S le Bride fo brat.
Luighim sios le Dia,
Is luighidh Dia lium,
Cha luigh mi sios le Briain.
'S cha luigh Briain lium.
A Dhe nam bochd,
Fir orm an nochd,
Na treig mi tort,
A t' ionndastaigh.
Aig meid nan lot
A reub mi ort,
Cha leir 'omh nochd
An cunntachadh.
A Righ na fola firinnich,
Na dichuimhn mi 'na d' thuinneachadh,
Na tagair mi's 'na mi cheartan,
Na dibir mi 'na d' chruinneachadh.
O 'na d' chruinneachadh!
« Air ais
English
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD