Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



BEANNACHADH LEAPA [34]

Laighim sios an nochd mar is coir
An cluanas Chriosda Mac Oigh nan cleachd,
An cluanas Athair aigh na gloir,
An cluanas Spioraid foir nam feart.

Laighim sios an nochd le Dia,
Is laighidh Dia an nochd a sios liom,
Cha laigh mi sios an nochd le olc, 's cha dean
Olc no fhiamh laighe liom.

Laighim sios an nochd le Spiorad Naomh,
Is laighidh Spiorad Naomh an nochd a sios liom,
Laighim sios le Teoiridh mo chaoimh,
Is laighidh Teoiridh mo chaoimh a sios liom.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD