Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



AN URNUIGH CHADAIL [35]

Tha mis a nis a dol dh' an chadal
Gu mu slan a dhuisgeas mi;
Ma's a bas domh anns a bhas chadail,
Gun ann air do ghairdean fein
A Dhe nan gras a dhuisgeas mi;
O air do ghairdean gradhach fein,
A Dhe nan gras a dhuisgeas mi!

M' anam air do laimh dheis, a Dhe,
A Re nan neamha neomh;
Is tu fein a cheannaich mi le t'fhuil,
Is tu thug do bheatha air mo shon,
Comraig mis an nochd, a Dhe,
Is na h-eireadh dhomh beud no cron.

Am feadh bhios a cholann a tamh's a chadal,
Biodh an t-anam a snamh an sgath nam flathas,
Micheal cra-gheal an dail an anama,
Moch agus anmoch, oidhche agus latha,
Moch agus anmoch, oidhche agus latha,
Amen.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD