Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



COISRIG CADAIL [36]

Ta mise laighe nochd
Le Athair, le Mac,
Le Spiorad na firinn,
Ta 'm dhion o gach lochd.

Cha laigh mi le olc,
Cha laigh olc liom,
Ach laighidh mi le Dia,
Is laighidh Dia liom.

Dia agus Criosd agus Spiorad naomh,
Is crois nan naodh aingeal fionn,
Da m' dhion mar Thri is mar Aon,
Bho chlar mhullach m'aodainn gu faobhar mo bhonn.

A Righ na greine agus na gloire,
Ios a Mhic na h-Oighe cubhra,
Gleidh-sa sinn a glinn nan diar,
Is a taigh nan diamha dubhra,
Gleidh sinn a glinn nan diar,
Is a taigh nan diamha dubhra.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD