SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
CARMINA GADELICA
Ortha nan Gaidheal
A CHOICH ANAMA [38]
Dhe tabhair aithne da t' ainghle beannaichte
Caim a chumail air an staing-sa nochd,
Comachadh crabhaidh, tabhaidh, teannachaidh,
Chumas a choich anama-sa bho lochd.
Teasruig a Dhe an t-ardrach seo a nochd,
Iad fein 's an cuid 's an cliu,
Tar iad o eug, o ghabhadh, o lochd,
'S o thoradh na farmaid 's na mi-ruin.
Tabhair duinn, a Dhe na fois,
Taingealachd an cois ar call,
Bhi coimhlionadh do lagh a bhos,
'S tu fein a mhealtuinn thall.
« Air ais
English
Iomradh
Air adhart »
SMO
Gàidhlig
Corpus
Carmina Gadelica
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08
CPD