Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



COICH-ANAMA [39]

Ainghil Dhe, a fhuair mo churam
Bho Athair cubhraidh na trocaireachd,
Cuartachadh caon na Cro-Naoimhe
A dheanamh air mo choich-anam a nochd,
O air mo choich-anam a nochd.

Fuadaich uam gach cuar is cunnart,
Cuartaich mi air cuan na corach,
Iarram thu dheanamh solus ur tomham,
O ainghil aoibh-ghil, air an oidhche nochd,
O ainghil aoibh-ghil, air an oidhche nochd.

Bi fein a d' reuil-iuil os mo chionn,
Sorchair orm gach foirche is fonn,
Stiuir mo bharc air bharr an liuinn,
Chon cala tamh an samhchair thom,
Chon cala tamh an samhchair thonn.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD